CÒISIR GHÀIDHLIG LODAINN

Fàilte


Chaidh Còisir Ghàidhlig Lodainn a stèidheachadh ann an 1985 agus tha i air a bhith an sàs ann an co-fharpaisean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba, o shin a-mach. Ged as ullachadh airson a’ Mhòid prìomh dhleastanas na còisir aig na coinneamhan againn, gach seachdain, bidh sinn a’ seinn farsaingeachd de cheòl Ghàidhlig airson spòrs is dibhearsan agus tric aig tachartasan is cuirmean ann an Dùn Èideann is air feadh na sgìre.

 

Bidh a’ mhòr-chuid de bhallrachd na còisire a’ fuireach ann an sgìre Dhùn Èideann, ach buinidh i do gach ceàrnaidh na h-Alba (is àiteachan eile), air a toirt còmhla tro cho-rùn ceòl is cultar na Gàidhlig a thoirt air aghaidh. Bidh farsaingeachd de sgilean Gàidhlig aig a’ bhallrachd; tha feadhainn a tha tràth na cuid ionnsachaidh fhad ’s a tha feadhainn eile a tha fileanta sa chànan le daoine a fhuair i bhon ghlùin, nam measg.

Coinneamhan


Bidh sinn a’ cumail phractasan gach oidhche Ardaoin eadar 7:30f is 9:30f ann an Eaglais Aonaichte Morningside, 15 Rathad Chamberlain, Dùn Èideann, EH10 4DJ.


Tha fàilte ro bhuill ùra an còmhnaidh.

Bhideothan nam Mòdan


Ged as goirid a h-eachdraidh, chaidh soirbheachas a bhuileachadh air a’ chòisir aig grunn Mhòdan Nàiseanta Rìoghail, a’ toirt a-steach buannachadh Farpais Puirt-à-Beul nan Còisirean Sgìreil trì uairean (2015, 2018 & 2023) is togail Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn dà uair, is o chionn ghoirid ann an 2018.

 

Seo bhideothan de dh’fheadhainn de na coileanaidhean againn, san ùine ghoirid a dh’fhalbh.

Ar cuid Phort-à-beul a shoirbhich aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Phàislig, ann an 2023.


Cuachag nan Craobh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Phàislig, ann an 2023.


Chuir mi Chas Mhòr aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Phàislig, ann an 2023.


Eilean na h-Òige aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Pheairt ann an 2022.


Siubhal mar ri Seòras Duinn aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Pheairt ann an 2022.


An roghainn againn fhìn, Eilean Beag Donn a' Chuain, nuair a shoirbhich sinn ann am farpais Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdinn ann an Dùn Omhain, ann an 2018.


Ar cuid Phort-à-beul a shoirbhich aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Dhùn Omhainn ann an 2018.


An coileanadh againn den cho-sheirm ainmichte, Taigh an Uillt, nuair a bhuannaich sinn Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdain aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Dhùn Omhain, ann an 2018.


Ar cuid Phort-à-beul a shoirbhich aig Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain ann an 2015.


Gach bhideo uile © Còraichean glèidhte 2015-2023 BBC.

Faodaidh sibh na bhideothan seo fhaicinn air làrach-lìn a’ BhBC le bhith a’ briogadh fodha:

https://www.bbc.co.uk/programmes/b0084v85/clips

Cuir Fios Thugainn


Ma tha ceist sam bith agad no ùidh ann a bhith sa chòisir, nach cuir thu fios thugainn!

Contact Us

Ceanglaichean Feumail


An Comunn Gàidhealach, buidheann-eagrachaidh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

www.ancomunn.co.uk

An duilleag againn air Comann nan Còisirean Gàidhlig

www.gaelicchoirs.org.uk/choirs/lothian.htm

Eaglais Aonaichte Morningside, far am bi sinn a’ cumail choinneamhan ann an Dùn Èideann

www.morningsideunitedchurch.org

Pròiseact Coimhearsnachd Grassmarket, buidheann-dealbhachaidh breacan Eaglais nam Manach Liatha, chumas na mnathan againn umpa

www.grassmarket.org

Share by: